|
||||||||||||||||||
|
The Scotsman May 06 Se Tripswitch an t-ainm a thug John McSherry agus Dónal O' Connor air an CD ùr aca (Vertical Records VERTCD061). Tha an dithis òg seo ainmeil am measg luchd-ciùil Èireannach, oir bha McSherry air dà All-Ireland Championship fhaighinn mus robh e còig bliadhna deug, 's aig ochd bliadhna deug b' e am fear a b'òige a choisinn duais pìobaireachd aig an Oireachtas. A bharrachd air a bhith na shàr phìobaire, tha e sònraichte math air an fhìdeag a chluich. Buinidh Dónal, a tha cluich fidheall 's meur-chlàr, do theaghlach a tha air a bhith ainmeil mar luchd-ciùil fad ghinealaichean. Mar a bhiodh dùil, tha a' chluich air an CD seo sònraichte math, leis na puirt uile air an cluich gu siùbhlach, soilleir agus às aonais cleas sam bith a tharraingeadh aire an luchd-èisteachd bho na fuinn. Tha an tuigse a tha eadar an dithis luchd-ciùil air leth math, agus fuaim a' chiùil daonnan fo smachd, ge b'e dè an t-inneal ciùil a bhios iad a' cluich aig an àm sin. Tha a chuid as motha de na puirt air Tripswitch traidiseanta, ach tha port no dhà air a rinn an luchd-ciùil cuideachd. Nam measg, tha am port tarraingeach a thug ainm don CD, 's Áille's Arabesque, port grinn a rinn John McSherry dhan nighinn aige. Tha dà phort annasach Castilianach, le còig buillean anns gach roinn rin cluinntinn cuideachd. Tha alt aca air na puirt seo a chluich mar gum buineadh ruitheam annasach mar seo gu nàdarra dhan dualchas aca fhèin, ach aig an aon àm a' toirt oirnn a bhith faireachdainn gu bheil sinn ag èisteachd ri còmhlan dannsa à Salamanca. Se an t-aon ghearan a th' agam mun CD nach eil air ach ochd bannan a tha a' maireachdainn mu dhà fhichead mionaid. 'S math a b' fhiach barrachd a chlàradh. |
||||||||||||||||||
| © 2005 - 2006 At First Light | All Rights Reserved
| Website Designed and Developed by: Murrough O'Kane |
||||||||||||||||||